Discover millions of ebooks, audiobooks, and so much more with a free trial

Only $11.99/month after trial. Cancel anytime.

Pippi Fhad-stocainneach
Pippi Fhad-stocainneach
Pippi Fhad-stocainneach
Ebook130 pages1 hour

Pippi Fhad-stocainneach

Rating: 0 out of 5 stars

()

Read preview

About this ebook

Published in 1945, Astrid Lindgren's Pippi Longstocking has long since become one of the great international children's classics. At long last, Scottish Gaelic-speaking children will be able to share in the fun of Pippi's adventures.

LanguageGàidhlig
PublisherAkerbeltz
Release dateApr 28, 2024
ISBN9781907165573
Pippi Fhad-stocainneach
Author

Astrid Lindgren

Astrid Lindgren (1907-2002) is the third most translated writer for children (after Hans Christian Andersen and the Brothers Grimm), and her books have sold more than 144 million copies worldwide. She became famous in her country almost overnight, with the publication of the first Pippi Longstocking books in 1945, and was awarded numerous honours, including the Hans Christian Andersen medal (twice) and the Gold Medal of the Swedish Academy in 1971.

Related to Pippi Fhad-stocainneach

Titles in the series (1)

View More

Related ebooks

Reviews for Pippi Fhad-stocainneach

Rating: 0 out of 5 stars
0 ratings

0 ratings0 reviews

What did you think?

Tap to rate

Review must be at least 10 words

    Book preview

    Pippi Fhad-stocainneach - Astrid Lindgren

    Astrid Lindgren

    Pippi Fhad-stocainneach

    An t-eadar-theangachadh le

    Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil is Mìcheal Bauer

    Na dealbhan le Ingrid Vang Nyman

    Dàta Leabharlann Bhreatainn Cataloguing-in-Publication

    Gheibhear clàr CIP an leabhair seo o Leabharlann Bhreatainn

    Gach còir glèidhte.  Cuirtear ceistean dhan fhoillsichear fhèin.

    Gun chead ro làimh on fhoillsichear, chan fhaodar an leabhar seo a thoirt seachad air mhàl, ath-reic, a ghabhail air mhàl no a mhalairt ann an nasgadh no le còmhdachadh eile seach am fear san deach fhoillseachadh.

    Chaidh an leabhar Suainis tùsail fhoillseachadh le Rabén & Sjögren fon ainm Pippi Långstrump.  Tha an t-eadar-theangachadh Gàidhlig le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil is Mìcheal Bauer stèidhichte air an tionndadh Suainis ath-dheasaichte 2016. An dealbhadh is clò-shuidheachadh le Foillseachadh Akerbeltz.

    An teacsa © Astrid Lindgren 1945/The Astrid Lindgren Company

    Na dealbhan © Ingrid Vang Nyman/The Astrid Lindgren Company.

    ISBN 978-1-907165-57-3

    Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun leabhar seo air an làrach-lìn a leanas:

    www.akerbeltz.eu

    Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo.

    Tha Pippi a’ tighinn dhan Villa Rù-rà

    Aig oir a’ bhaile bhig bhig bha seann ghàrradh garbh.  Bha seann taigh anns a’ ghàrradh agus anns an taigh ud bha Pippi Fhad-stocainneach a’ fuireach.  Bha i naoi bliadhna a dh’aois agus bha i a’ fuireach na h-aonar ann.  Cha robh màthair no athair aice agus cha robh sin dona idir, oir cha robh duine sam bith ann a chanadh rithe a dhol dhan leabaidh is ise an teis-meadhan geama èibhinn air choreigin agus cha robh duine sam bith ann a sparradh oirre ola an truisg a ghabhail ’s i fhèin ag iarraidh shiùcaran.

    Bha athair aig Pippi o chionn fhada agus bha gaol a cridhe aice air.  Agus gu dearbh, bha màthair aice aig àm ach bha sin cho fad air ais is nach robh cuimhne sam bith aice oirre.  Chaochail a màthair nuair a bha Pippi na braonan beag beatha, a’ laighe ann an creathail is i a’ sgreuchail cho àrd ’s nach b’ urrainn do dhuine sam bith fuireach faisg oirre fada.  Bha Pippi a’ creidsinn gun robh a màthair shuas gu h-àrd ann an nèamh, a’ coimhead a-nuas oirre tro tholl beag agus bhiodh Pippi a’ smèideadh suas rithe gu tric agus ag ràdh:

    Na gabhaibh dragh, a mhàthair! Tha h-uile rud fo smachd agam!

    Cha robh Pippi air a h-athair a dhìochuimhn-eachadh.  B’ e caiptean a bha ann agus bhiodh e a’ seòladh nan seachd cuantan agus bhiodh Pippi a’ seòladh còmhla ris gus an deach e thairis ann an stoirm agus chan fhacas a dhubh no a dhath a-rithist.  Ach bha Pippi làn chinnteach nach deach a bhàthadh idir.  Bha ise a’ creidsinn gun deach a chaitheamh air cladach eilein sa Chuan a Deas agus gun robh a h-athair na rìgh os cionn daoine eileanan a’ Chuain a Deas a-nis is crùn òir air a cheann gach latha.

    Tha mo mhàthair na h-aingeal agus m’ athair na rìgh os cionn muinntir eileanan a’ Chuain a Deas.  Chan eil mòran chloinne ann aig a bheil pàrantan gasta mar sin! chanadh i gu pròiseil.  Agus ma bhios cothrom aig m’ athair bàt’ a thogail, thig e gam iarraidh agus bidh mise nam bhana-phrionnsa os cionn muinntir Eilean a’ Chuain a Deas an uair sin.  A bhalaich ort, abair beath’ a bhios agam!

    Bha a h-athair air an seann taigh a bha sa ghàrradh ud a cheannach bliadhnaichean mòra air ais.  Bha e am beachd fuireach ann latha còmhla ri Pippi nuair a bhiodh esan ro aosta airson seòladh thar nan cuantan.  Ach thachair a’ chùis-mhulaid ud an uair sin, gun deach a shèideadh dhan mhuir.  Agus chuir Pippi roimhpe gum fuiricheadh i san an taigh ud ga fheitheamh agus rinn i dìreach air a’ Villa Rù-rà.  Sin an t-ainm a bha air an taigh.  Agus bha an taigh a’ feitheamh oirrese ann, deiseil is làn àirneisichte.  Dh’fhàg i soraidh slàn aig gach seòladair air bàta a h-athar feasgar brèagha an t-samhraidh.  Bha iad glè dhèidheil air Pippi agus bha Pippi glè dhèidheil orrasan cuideachd.

    Mar sin leibh uile, a bhalachaibh, thuirt Pippi agus thug i pòg air bathais gach aon dhiubh, aonan an dèidh a chèile.  Na gabhaibh dragh.  Bidh mi ceart gu leòr leam fhìn.

    Thug i dà rud leatha on bhàta.  Muncaidh beag air an robh Maighstir Nilsson agus màileid mhòr làn bhonn òir a fhuair i o h-athair.  Bha na seòladairean nan seasamh aig rèile a’ bhàta, a’ coimhead air Pippi cho fad ’s a b’ urrainn dhaibh fhaicinn.  Choisich ise gu frog, gun a bhith a’ coimhead air ais agus le Maighstir Nilsson air a gualann agus leis a’ mhàileid na làimh.

    Òganach annasach, thuirt aon dhe na seòladairean agus e a’ suathadh deur air falbh nuair nach robh Pippi san t-sealladh tuilleadh.

    Agus bha e ceart.  Bha Pippi air leth annasach.  ’S e an rud a b’ annasaiche mu dèidhinn gun robh i cho làidir ’s a bha i.  Bha i cho anabarrach làidir ’s nach robh poileas san t-saoghal a bha a cheart cho làidir.  Agus b’ urrainn dhi each slàn a thogail nan togradh i.  Agus gu dearbh, thogair i sin.  Bha each aice fhèin a cheannaich i le aon dhe na buinn òir a bha aice, an latha a thàinig i dhachaigh dhan Villa Rù-rà.  Bha miann aice air a h-each fhèin fhaighinn o chionn fhada.  Agus bha fear aice a-nis is bha e a’ fuireach air a’ phoirdse.  Ach ma bha ise airson cofaidh feasgair a ghabhail ann, cha do rinn i ach a thogail is a chur dhan ghàrradh.

    Bha gàrradh eile ri taobh a’ Villa Rù-rà agus taigh eile sa mheadhan.  Bha athair agus màthair agus a’ chlann bheag shnog aca a’ fuireach ann, mac agus nighean.  ’S e Tòmas an t-ainm a bha air a’ bhalach agus Annika air a’ chaileig.

    Abair gur e clann mhodhail bheusail shnog a bha annta.  Cha bhiodh Tòmas a’ criomadh ìnean idir is bha e a’ gèilleadh ri mhàthair an-còmhnaidh.  Cha do rinn Annika gearan uair sam bith, fiù nuair nach d’ fhuair i a toil fhèin.  Bha i glan sgiobalta an-còmhnaidh na dreasa cotain iarnaigte agus thug i an aire an-còmhnaidh nach salaicheadh i i fhèin.  Bhiodh Tòmas agus Annika a’ cluich còmhla nan gàrradh gu modhail gu bitheanta agus is tric a bhiodh iad ag ionndrainn caraid a chluicheadh leotha.  Bhiodh iad a’ seasamh aig feansa a’ ghàrraidh uaireannan fhad ’s a bha Pippi a’ seòladh air a’ mhuir còmhla ri h-athair fhathast is iad ag ràdh:

    Nach bochd nach eil duine sam bith fuireach san taigh ud.  Bhiodh e math nam biodh cuideigin a’ fuireach ann, cuideigin le clann.

    Cha robh Tòmas agus Annika aig an taigh am feasgar samhraidh àlainn ud nuair a thug Pippi ceum thairis air stairsneach a’ Villa Rù-rà a’ chiad turas.  Bha iad a’ tadhal air an seanmhair fad seachdain.  Leis a sin, cha robh càil a dh’fhios aca gun robh cuideigin a’ fuireach an ath-dhoras a-nis agus nuair a bha iad a’ seasamh aig feansa a’ ghàrraidh a’ chiad latha an dèidh dhaibh tilleadh o thaigh an seanmhar is iad a’ coimhead air an t-sràid, cha robh fhios aca fhathast gun robh caraid a’ cluich faisg orra.  Bha iad a’ beachdachadh air dè bha iad a’ dol a dhèanamh agus an tachradh rudeigin inntinneach no am biodh latha fada dòrainneach aca, gun dad a dh’fhios aca dè dhèanadh iad, dh’fhosgail doras a’ Villa Rù-rà agus thàinig caileag bheag a-mach.  B’ ise a’ chaileag a b’ annasaiche a chunnaic Tòmas agus Annika nam beatha, Pippi Fhad-stocainneach a’ gabhail cuairt maidne.  Seo an coltas a bha oirre:

    Bha a falt cho ruadh ri meirg, a’ stobadh a-mach o ceann ann an dà fhigheachan theann.  Bha a sròn coltach ri grìleag bheag agus loma-làn de bhreacan-seunain.  Fon t-sròn bha beul mòr mòr is leathann agus fiaclan geala fallain ann.  Bha an dreasa a bha oirre gu math neònach.  Rinn Pippi i fhèin e.  Bha e cho buidhe ri buidheagan is bòidheach ach a chionn ’s nach robh aodach gu leòr aice, bha e ro ghoirid agus chunnacas pìos de bhriogais ghorm le dotagan geala oirre.  Bha dà stocainn fhada air a dà chas fhada thana, tè le bannan oirre agus tè dhubh.  Agus an uair sin paidhir bhrògan dubha a bha a dhà uimhir cho mòr ’s a bha a casan.  Cheannaich a h-athair na brògan seo dhi ann an Aimeireaga a Deas ach am biodh paidhir aice a bhiodh mòr gu leòr is ise air fàs mòr.  Agus cha robh Pippi ag iarraidh paidhir eile on latha

    Enjoying the preview?
    Page 1 of 1