Tha Mòrag Law à Eilean Cholbhasa ach chaidh a togail anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Dùn Omhain. Ged a tha Gàidhlig aice bho thùs, cha do thòisich i ri sgrìobhadh innte gus an d’ fhua...view moreTha Mòrag Law à Eilean Cholbhasa ach chaidh a togail anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Dùn Omhain. Ged a tha Gàidhlig aice bho thùs, cha do thòisich i ri sgrìobhadh innte gus an d’ fhuair i teisteanasan Gàidhlig aig Àrd Ìre mar inbheach. Choisinn i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra (Comhairle nan Leabhraichean/Scottish Book Trust) ann an 2017 a lean gu mentorachd bho Mhàrtainn Mac An t-Saoir.
Dheasaich agus dh’eadar-theangaich i cruinneachadh de sgrìobh- aidhean a màthar airson an leabhair dhà-chànanaich Dìleab Cholbhasach/A Colonsay Legacy (Acair, 2013). Tha artaigilean, sgeulachdan agus neo-ficsean aithriseil aice air nochdadh anns na h-irisean Cothrom agus Steall, Northwords Now/Tuath agus anns na cruinneachaidhean Nourish/ Beathachadh (sbt, 2017) Celebration/Gàirdeachas (sbt, 2021) agus New Writing vol 9 (sbt, 2018). Ann an 2020 fhuair a cruinneachadh sgeulachdan goirid, Cuibhle an Fhortain (Luath Press, 2019) àite air gèarr-liosta Duais Chomann Gàidhlig Lunnainn airson an leabhar ficsein as fhèarr.
Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a’ cruthachadh sgrìobhadh a bhitheas freagarrach is fosgailte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.view less